04/11/13 14:02
Sgoiltean nan Eilean Siar a’ faighinn £500,000.
English text below.
Thèid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a neartachadh le Comhairle nan Eilean Siar le taic-airgid luach £500,000 bho Riaghaltas na h-Alba
Thèid an t-airgead a chosg thar dà bhliadhna agus thèid goireasan a leasachadh ann an sgoiltean agus thig piseach air suidheachadh IT, ach am faighear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt air adhart aig gach ìre. A bharrachd air sin, bidh a’ Chomhairle an coluadar le coimhearsnachdan mu bhith a’ comharrachadh cuid de sgoiltean far a bheil a’ mhòr chuid dhen chloinn fileanta an Gàidhlig mar sgoiltean Gàidhlig.
Thuirt am MInistear airson cànain Alba, Alasdair Allan:
“Tha an t-iarrtas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar a’ sìor fhàs, dìreach mar a tha a’ tachairt air feadh Alba. Tha planaichean adhartach ann airson an £500,000 seo a chosg airson goireasan a thoirt air adhart agus barrachd taic a thoirt dhan luchd-teagaisg agus dhan chloinn thar an dà bhliadhna a tha romhainn.
“Tha na h-àireamhan a chaidh fhoillseachadh anns a’ chunntas-sluaigh bho chionn ghoirid a’ mìneachadh mar a tha ar taic do dh’fhoghlam Gàidhlig a’ soirbheachadh agus na mhisneachd do ghinealach ùr de luchd-cleachdaidh.
“Tha e misneachail cuideachd gu bheil an taic seo ga chur gu feum ann an leasachaidhean òigridh agus an-lùib phròiseactan-cosnaidh. Tha e a’ cheart cho cudromach gun urrainn dhuinn dearbhadh gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig ann an saoghal an latha an-diugh agus gu bheil sinn a’ cruthachadh cothroman do dhaoine a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig nan coimhearsnachdan fhèin sa tha e comthroman a chruthachadh a bhith a’ frithealadh chlasaichean.
“Tha mi cuideachd toilichte gu bheil Comhairle nan Eilean Siar gu bhith an coluadar mu chuid de sgoiltean a chomharrachadh mar sgoiltean Gàidhlig.”
Thuirt Catriona Stiùbhart, Cathraiche Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne na Comhairle, “Tha sinn air leth toilichte leis an taic airgid seo, agus bidh e gu cinnteach cuideachail ann a bhith a’ cumail air adhart leis an deagh obair a tha air a bhith a’ dol air feadh nan Eilean Siar thar nam bliadhnaichean a chaidh seachad a-thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.”
Gaelic education funding
Western Isles schools receive £500,000.
Comhairle nan Eilean Siar will strengthen and extend Gaelic medium education thanks to £500,000 funding from the Scottish Government.
The investment over two years will be used to improve facilities in schools, provide IT infrastructure and enable Gaelic medium education to grow at all levels. In addition, the Comhairle will consult with communities about designating certain schools as GME schools where Gaelic-speaking pupils are in the majority.
Minister for Scotland’s Languages Alasdair Allan said:
“The demand for Gaelic medium education in the Western Isles continues to grow, as it does across Scotland. There are ambitious plans to use this £500,000 to improve the facilities and resources available to teachers and pupils over the next two years.
“The recent census figures published showed that our commitment to Gaelic education is paying off and inspiring a new generation of speakers.
“It is encouraging that this investment will be used for youth development and vocational projects. Demonstrating that Gaelic has a place in everyday life and creating the opportunities for speakers to use their skills as they go about their communities is just as important as giving people access to classes.
“I also welcome Comhairle nan Eilean Siar's proposal to consult on designating a number of schools as Gaelic schools.”
Catriona Stewart, Chair of Education & Children’s Services said, “We are delighted to have received this financial support and it will certainly help to continue and develop the great work which has been on-going throughout the Western Isles over the past few years to develop Gaelic Medium Education.”
SG Communications
noreplycomms@gov.scot
During the hours of 09:00 – 17:30 Monday to Thursday and 09:00 – 17:00 on Friday please contact below, or contact
0300 244 0222 if out of hours.
First Minister - 0300 244 9020
Deputy First Minister, Economy and Gaelic - 0300 244 9024
Health and Social Care - 0300 244 9021
Education and Skills - 0300 244 9022
Justice and Home Affairs - 0300 244 9023
Net Zero, Energy and Rural Affairs - 0300 244 9026
Social Justice - 0300 244 9025
Finance, Local Government and Corporate - 0300 244 9027
Constitution, External Affairs, Culture - 0300 244 9029